26 APRIL 1986, Page 26
An Coinneachadh
Chuir thu do lamhan mu m'amhaich. `A ghraidh,' ars thusa, `tha mi cinnteach nach aithnich thu mi.'
Ach thogadh to mu m'choinneamh anns an aon bhaile bliadhnachan air ais, 's tha thu nise posda aig fear nach aithnich mi, fear stOlda, samhach.
Nach iongantach mar a tha a' Ghaidhlig a' toirt air ais thagainn dealt na h-oige, 's tusa crochadh aodach air latha earraich nuair a bha thu na d'nighean, ann an gaoth nach basaich 's a thiormaicheas mo dheuran nuar a dh'fhairicheas mi i.